Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 40:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis thug an Tighearna gu crìch e, agus rinn e mar a labhair e: a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill da ghuth, air an adhbhar sin tha an t‑olc seo air teachd oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a bha fois aca, rinn iad olc a‑rìs ad fhianais; uime sin dh’fhàg thu iad ann an làimh an naimhdean, agus bha uachdaranachd aca orra. Gidheadh, nuair a thill iad agus a ghlaodh iad riut, chuala tu o na nèamhan, agus shaor thu iad ad mhòr-thròcair iomadh uair:

Ach tha thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h‑aingidh.

Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal.

Agus gabhaidh mòran chinneach seachad air a’ chathair seo, agus their iad, gach aon ra choimhearsnach, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris a’ chathair mhòir seo?

Imich agus labhair ri Ebed-melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais-sa anns an là sin.

A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh.

Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean.

Rinn an Tighearna an nì sin a dhealbh e; choilean e a fhacal, a dh’àithn e anns na làithean o shean; thilg e sìos, agus cha do ghabh e truas; ach thug e air nàmhaid gàirdeachas a dhèanamh os do chionn, dh’àrdaich e adharc do naimhdean.

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

An sin their daoine, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna Dia an athraichean, a rinn e riu, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan