Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 40:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, an dèidh do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a leigeadh as o Ramah, nuair a thugadh e da ionnsaigh, agus e ceangailte le slabhraidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh nam braighdean o Ierusalem agus o Iùdah, a thugadh ann am braighdeanas gu Bàbilon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Anns an t‑siathamh-bliadhna-deug ar fhichead de rìoghachadh Asa, thàinig Baasa rìgh Israeil a‑nìos an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.

Oir bhris e na geatachan umha, agus gheàrr e sìos na croinn iarainn.

Suidhichidh Dia na daoine aonaranach ann an teaghlach; bheir e a‑mach iadsan a tha ceangailte le cuibhrichean; ach gabhaidh na ceannaircich còmhnaidh ann an tìr thartmhoir.

Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.

An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò.

Agus thàrladh an ceann deich làithean gun tàinig guth an Tighearna gu Ieremiah.

Agus thàrladh anns an aon-bhliadhna-deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh-sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.

Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo.

Airson a bheil mi am theachdaire ann an gèimhlean: a‑chum gun labhair mi gu dàna uime, mar as còir dhomh labhairt.

Gibeon, agus Ramah, agus Beerot,

Agus bha a theachd air ais gu Ramah, oir an sin bha a thaigh; agus an sin thug e breith air Israel, agus an sin thog e altair don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan