Ieremiah 4:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh. Faic an caibideil |
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.
Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?
Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mise os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?
A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus abair ris, Is cosmhail thu ri leòmhann òg de na cinnich, agus tha thu mar uabheist anns na cuantan; agus thàinig thu a‑mach led shruthan, agus chuir thu troimhe chèile na h‑uisgeachan led chasan, agus shalaich thu an aibhnichean.