Ieremiah 4:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Cuiribh suaicheantas suas ann an Sion, rachaibh air ur n‑ais, na seasaibh; oir tha mise a’ tabhairt uilc on àird a tuath, eadhon lèirsgrios mòr. Faic an caibideil |
A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan.
Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.
Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann-feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach.
Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal-sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon-aodach, agus acfhainn-sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha.