Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 4:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig.

Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan.

Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe.

Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?

Agus their fear-àiteachaidh na tìre seo anns an là sin: Feuch is amhail seo ar bun-dòchais, gus an do theich sinn airson cobhair, a‑chum gum bitheamaid air ar saoradh o rìgh Asiria; cionnas, matà, a thèid sinn as?

Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?

Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair?

O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!

Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor.

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Ghairm mi air mo leannain, ach mheall iad mi; thug mo shagartan agus mo sheanairean suas an deò anns a’ chathair, am feadh a dh’iarr iad am biadh gu cobhair air an anam.

Tha i ri gul geur anns an oidhche, agus a deòir air a gruaidhean; fear-comhfhurtachd air bith chan eil aice am measg a h‑uile luchd-gaoil; bhuin a càirdean uile gu fealltach rithe, dh’fhàs iad nan naimhdean dhi.

Am feadh a bha sinn ann, dh’fhàilnich ar sùilean ag amharc ri cobhair dhìomhain: am feadh a rinn sinn faire, bha ar sùil ri cinneach nach b’urrainn tèarnadh.

Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.

An abair thu fhathast an làthair an tì a mharbhas thu, Is dia mi? Ach bidh tu ann ad dhuine, agus chan ann ad dhia, ann an làimh an tì a mharbhas thu.

Thug uile dhaoine do chomainn a‑chum na crìche thu; na daoine a bha an sìth riut, a dh’ith aran leat, mheall iad thu, agus bhuadhaich iad ann ad aghaidh: leag iad ribe fodhad: chan eil tuigse sam bith annad.

Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh-bheathach.

Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan