Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios-ola.
Cuiribh dhuibh fhèin ann am fìreantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: brisibh suas ur fearann neo-threabhte: oir is mithich Iehòbhah iarraidh, gus an tig e agus am fras e oirbh fìreantachd.
Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh.
Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.