Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 4:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ro iolach nam marcach agus nam fear-bogha, tha gach cathair a’ teicheadh; chaidh iad a‑steach do thiugh-choilltean, agus shreap iad suas air na creagan: tha na h‑uile bhailtean air an trèigsinn, agus chan eil aon duine gan àiteachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.

An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn.

Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e.

An sin bha a’ chathair air a briseadh sìos, agus theich na fir-chogaidh uile, agus chaidh iad a‑mach as a’ chathair feadh na h‑oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla a bha aig lios an rìgh (nuair a bha na Caldèanaich aig a’ chathair timcheall mun cuairt), agus dh’imich iad air slighe a’ chòmhnaird.

Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.

Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon.

Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.

Agus gum fògair an Tighearna daoine am fad as; agus gum bi fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre.

Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.

Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan