Na biodh eagal ort, O Iàcoib, m’òglach, deir an Tighearna, oir tha mise maille riut; ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus chan fhuiling mi dhut dol as gu h‑iomlan saor.
Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.
Agus thàrladh an tràth a rinn mise fàistneachd gun d’eug Pelatiah mac Bhenaiah: an sin thuit mi sìos air m’aghaidh, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi, Ah! Thighearna Dhia, an dèan thu làn-chrìoch air iarmad Israeil?
Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.
Mar sin sìnidh mise a‑mach mo làmh orra, agus nì mi am fearann fàs, seadh, nas uaigniche na fàsach Dhiblait, nan uile ionadan-còmhnaidh; agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.
An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.
Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.
A‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, gus am mealadh an tìr a sàbaidean: rè na h‑ùine a bha i fàs, chùm i a sàbaidean, gus an do choileanadh trì-fichead agus deich bliadhna.
Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota.
Uime sin bha m’fhearg agus mo chorraich air a taomadh a‑mach, agus air a lasadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, agus tha iad nam fàsach, agus nan làraich sgaoilte, mar air an là‑an‑diugh.
Gidheadh fàgar ann fuidheall dhearcan, mar ann an crathadh a’ chroinn-ola; a dhà no trì de dhearcagan air mullach a’ mheangain as àirde; ceithir no còig air a gheugan iomallach torrach, deir an Tighearna Dia Israeil.
Chuir an Tighearna air cùl a altair, ghabh e gràin da naomh-ionad: thug e suas ballachan a h‑àrois do làimh an eascaraid; rinn iad gàir ann an taigh an Tighearna, mar ann an là àrd-fhèille.
Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.