Ieremiah 4:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Dh’amhairc mi, agus, feuch, bha a’ mhachair thorrach na fàsach, agus a h‑uile bhailtean air an tilgeadh sìos, ro làthair an Tighearna, ro dhian-theas a fheirge. Faic an caibideil |
Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.