Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

Bidh a ainm-san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm-san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e.

Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob.

Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.

Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

An neach a bheannaicheas e fhèin air talamh, beannaichidh e e fhèin ann an Dia na fìrinn; agus an neach a bheir mionnan air talamh, mionnaichidh e air Dia na fìrinn; a chionn gu bheil na h‑àmhgharan roimhe air an dìochuimhneachadh, agus a chionn gu bheil iad falaichte om shùilean.

Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.

Agus tàrlaidh, an dèidh dhomh an tarraing a‑mach, gun till mi, agus gun gabh mi truas dhiubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon ga oighreachd fhèin, agus gach aon ga fhearann fhèin.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh-chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin.

Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.

Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach.

Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach;

Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd-sa, deir an Tighearna.

Agus pòsaidh mi thu rium fhèin gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fhèin thu ann am fìreantachd, agus ann an ceartas, agus ann an coibhneas, agus ann an caomh-ghràdh;

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

A‑chum, a rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

Ach an tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm.

Oir is sinne an timcheall-ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:

Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir-dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir-dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir-dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir-dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn.

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan