Ieremiah 4:19Am Bìoball Gàidhlig 1992Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha. Faic an caibideil |
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.
Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.
An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.