Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 4:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Glaodhaibh-se ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an cèill an aghaidh Ierusaleim gu bheil luchd-freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gun tog iad suas an guth an aghaidh bailtean Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.

Agus thàinig am fàidh Isaiah gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad am ionnsaigh o thìr chèin, o Bhàbilon.

Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh-chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah.

Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhòr, anns an tìr seo; chan adhlaicear iad, agus cha dèanar caoidh air an son; cha gheàrr aon neach e fhèin, cha mhò a nì aon neach e fhèin maol air an son.

Beucaidh na leòmhainn òga na aghaidh; thog iad an guth, rinn iad a fhearann na fhàsach; tha a bhailtean air an losgadh, gun aon gan àiteachadh.

Cluinnibh facal an Tighearna, O chinneachan, agus cuiribh an cèill e anns na h‑eileanan fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, nì e a chruinneachadh agus a choimhead, mar a nì buachaille a threud.

Ann an naoidheamh bliadhna Shedeciah rìgh Iùdah, anns an deicheamh mìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad ma timcheall.

Mar luchd-coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh-sa, deir an Tighearna.

Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.

Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig.

Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan.

Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh!

Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris.

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn.

Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh-sa, O nighean Shioin.

Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?

Aig a làimh dheis bha an fhàistneachd airson Ierusaleim, a dh’òrdachadh cheann-feadhna, a dh’fhosgladh a bheòil anns an àr, a thogail suas a’ ghutha le iolaich, a dh’òrdachadh reitheachan-cogaidh an aghaidh nan geatachan, a thilgeadh suas torra, a thogail daingnich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan