Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 4:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh-sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair-sa, an sin cha gluaisear thu:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ra theaghlach, agus riùsan uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na diathan coimheach a tha nur measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh ur n‑aodach:

Agus na h‑àitean àrda a bha fa chomhair Ierusaleim, a bha air an làimh dheis de shliabh na truaillidheachd, a thog Solamh rìgh Israeil do Astarot, gràinealachd nam Mòabach, agus do Mhilcom, gràinealachd chloinn Amoin, thruaill an rìgh.

Os bàrr, luchd nan leannan-sìth, agus an luchd-fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna.

Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.

Agus cha charaich mi cas Israeil nas mò as an fhearann a dh’òrdaich mi dur n‑athraichean: ma bheir iad a‑mhàin an aire gun dèan iad gach nì a dh’àithn mi dhaibh, a rèir an lagha uile, agus nan reachd, agus nan riaghailt le làimh Mhaois.

Agus chuir Iosiah air falbh na gràinealachdan uile as na tìrean uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Israel seirbhis a dhèanamh don Tighearna an Dia. Rè a làithean uile cha do chlaon iad o leantainn an Tighearna, Dia an athraichean.

Tillibh da ionnsaigh-san on do chlaon clann Israeil le seachran fada.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.

Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rìoghachdan an domhain, airson Mhanaseh mhic Heseciah, rìgh Iùdah, airson nan nithean sin a rinn e ann an Ierusalem.

A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan.

Bheir eadhon mise thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, a‑chum an aimhleis; gu bhith nan cùis-fhanaid, agus nan gnàth-fhacal, agus nam ball-magaidh, agus nam mallachadh, anns a h‑uile àite gus am fògair mi iad.

Thubhairt iadsan, Tillibh air ur n‑ais a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus o olcas a dhèanadais, agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug an Tighearna dhuibh, agus dur n‑athraichean o linn gu linn.

Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna.

Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl-sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.

Tillibh, O chlann chùl-sleamhnach, deir an Tighearna, oir tha mi pòsda ribh: agus gabhaidh mi sibh, aon à baile, agus dithis à teaghlach, agus bheir mi sibh gu Sion:

Tillibh, o chlann chùl-sleamhnach; lèighsidh mise ur cùl-sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia.

Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.

Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire-sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh.

Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo.

Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach;

An sin bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo, anns an fhearann a thug mi dur n‑athraichean, o linn gu linn.

Agus thig iad da ionnsaigh, agus bheir iad uile nithean fuathach agus uile ghràinealachdan air falbh as.

A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e an sin beò? Cha mhair e beò: rinn e na gràinealachdan seo uile; gheibh e gu cinnteach bàs, bidh a fhuil air fhèin.

A‑nis cuireadh iad air falbh an strìopachas, agus cairbhean an rìghrean fada uam, agus gabhaidh mi còmhnaidh nam meadhon gu sìorraidh.

Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd.

Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;

Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit.

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.

Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.

Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan