Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 39:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin a‑steach, agus shuidh iad anns a’ gheata anns a’ mheadhon; Nergal-sareser, Samgar-nebo, Sareschim, Rabsaris, Nergal-sareser, Rabmag, leis a’ chuid eile air fad de chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn daoine Bhàbiloin Sucot-benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima.

Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh-chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah.

Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm-chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo.

Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach.

Mar sin chuir Nebusaradan ceannard an fhreiceadain fios, agus Nebusasban, Rabsaris, agus Nergal-sareser, Rabmag, agus uile chinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin:

Le lìonmhorachd a chuid each, falaichidh an duslach thu; criothnaichidh do bhalla le toirm a’ mharc-shluaigh, agus nan rothan, agus nan carbadan, nuair thèid e a‑steach air do gheatachan, mar a thèid daoine a‑steach air baile anns an do rinneadh briseadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan