Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 39:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann an aon-bhliadhna-deug Shedeciah, anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ chathair air a briseadh suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon-bhliadhna-deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos.

Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna anns an deicheamh bliadhna de linn Shedeciah rìgh Iùdah (b’i sin an t‑ochdamh-bliadhna-deug de linn Nebuchadnesair):

Feuch, bheir mise àithne, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh air an ais don chathair seo; agus cogaidh iad na h‑aghaidh, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine; agus bailtean Iùdah nì mi nan làraich sgaoilte, gun aon neach gan àiteachadh.

Agus thig na Caldèanaich a‑rìs, agus cogaidh iad an aghaidh na cathrach seo agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine.

Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.

Agus thàrladh anns an aon-bhliadhna-deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh-sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile.

A thuilleadh air seo, gabh thugad aghann iarainn, agus suidhich e mar bhalla iarainn, eadar thu agus am baile, agus cuir do ghnùis na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu camp na aghaidh: bidh seo na chomharradh do thaigh Israeil.

Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh.

Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh-se fìrinn agus sìochaint.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan