Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 38:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo deir an Tighearna, Esan a dh’fhanas anns a’ chathair seo bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; ach esan a thèid a‑mach a‑chum nan Caldèanach, mairidh e beò; oir gheibh e a anam mar chobhartach, agus mairidh e beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm-chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo.

Agus amhail na droch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas (mar seo gu deimhinn deir an Tighearna), mar sin bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a uachdarain, agus am fuidheall de Ierusalem, a dh’fhanas anns an tìr seo, agus iadsan a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit:

Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Carson a bhàsaicheas sibh, thu fhèin agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, mar a labhair Dia an aghaidh a’ chinnich nach toir gèill do rìgh Bhàbiloin?

Mar seo deir an Tighearna ris an rìgh a tha na shuidhe air cathair Dhaibhidh, agus ris an uile shluagh a tha a chòmhnaidh anns a’ bhaile seo, agus ri ur bràithrean nach deachaidh a mach leibh ann am braighdeanas;

Agus dian-ruaigidh mi iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; agus bheir mi thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, gu bhith nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam masladh, am measg nan uile chinneach gus am fògair mi iad.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Cha d’èisd sibh riumsa ann an saorsa a ghlaodhach, gach aon da bhràthair, agus gach aon da choimhearsnach: feuch dur taobh-se tha mise a’ glaodhach saorsa, deir an Tighearna, don chlaidheamh, don phlàigh, agus don ghort; agus bheir mi oirbh a bhith air ur luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain.

Oir tèarnaidh mi thu, agus cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach agad, a chionn gun do chuir thu do dhòchas annamsa, deir an Tighearna.

Is amhlaidh a thachras do na h‑uile dhaoine a chuireas an aghaidh ri dol don Eiphit gu fantainn air chuairt an sin; bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: agus cha bhi aon a mhaireas, no a thèid as on olc a bheir mise orra.

Air an adhbhar sin biodh dearbh fhios agaibh gum bàsaich sibh leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantainn air chuairt.

Agus smachdaichidh mi iadsan a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.

Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buail led làimh, agus breab led chois, agus abair, Mo thruaighe! airson uile dhroch ghràinealachdan taigh Israeil; oir tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.

Tha an claidheamh a‑muigh, agus a’ phlàigh, agus a’ ghort a‑staigh: esan a tha anns a’ mhachair bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ bhaile nì gort agus plàigh a ithe suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan