Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 37:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir an rìgh Sedeciah Iehucal mac Shelemiah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, a‑chum an fhàidh Ieremiah, ag ràdh, Dèan ùrnaigh, a‑nis guidheam ort, ris an Tighearna ar Dia air ar son-ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.

A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.

Thubhairt an Tighearna, Gu cinnteach èiridh gu math dod iarmaid; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid a bhith bàidheil riut ann an àm na h‑airce, agus ann an àm a’ chruaidh-chàis.

A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, a‑thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a tha a’ fàistneachd brèige dhuibh ann am ainm-sa, Feuch, bheir mise thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ur sùl;

Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, A chionn gun do chuir thu litrichean ann ad ainm a‑chum an uile shluaigh a tha ann an Ierusalem, agus a‑chum Shephaniah mhic Mhaaseiah an sagart, agus a-chum nan sagart air fad, ag ràdh,

An sin chuir Sedeciah an rìgh fios, agus thug e a‑mach e; agus dh’fheòraich an rìgh dheth gu h‑uaigneach na thaigh, agus thubhairt e, A bheil facal sam bith on Tighearna? Agus thubhairt Ieremiah, Tha: oir thubhairt e, Do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis thu.

Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Mar seo their sibh ri rìgh Iùdah a chuir thugamsa sibh, gam iarraidh: Feuch, tillidh feachd Phàraoh, a thàinig a‑mach gur còmhnadh, don Eiphit, dan tìr fhèin.

An sin chuala Sephatiah mac Mhatain, agus Gedaliah mac Phasuir, agus Iucal mac Shelemiah, agus Pasur mac Mhalchiah, na briathran a labhair Ieremiah ris an t‑sluagh uile, ag ràdh,

An sin thàinig am fagas uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareh, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h‑iomlan, on bheag gus a’ mhòr;

Gu deimhinn chuir sibh an gnìomh cealg an aghaidh ur n‑anama fhèin: oir chuir sibh mise a‑chum an Tighearna ur Dia, ag ràdh, Guidh air ar son-ne ris an Tighearna ar Dia, agus a rèir gach nì a their an Tighearna ar Dia, mar sin innis dhuinn, agus nì sinne.

Agus thug ceannard an fhreiceadain leis Seraiah an t‑àrd-shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean;

Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.

An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh-se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm.

Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan