Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 34:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thusa, cha tèid thu as o làimh, ach bidh tu gu cinnteach air do ghlacadh, agus air do thoirt thairis da làimh, agus chì do shùilean rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e riut beul ri beul, agus falbhaidh tu gu Bàbilon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.

Gu Bàbilon bheirear air falbh iad, agus an sin bidh iad gus an là anns an tèid mise gan amharc, deir an Tighearna: an sin bheir mise a‑nìos iad, agus aisigidh mi iad a‑rìs don àite seo.

Uime sin, mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh e i.

Oir dhruid Sedeciah rìgh Iùdah suas e, ag ràdh, Cuime a bheil thu ri fàistneachd, agus ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh esan i?

Agus cha tèid Sedeciah rìgh Iùdah as o làimh nan Caldèanach, ach bheirear suas e gu deimhinn do làimh rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e ris, beul ri beul, agus chì a shùilean a shùilean-san.

Agus Sedeciah rìgh Iùdah, agus a phrionnsachan, bheir mise do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, eadhon do làimh feachdan rìgh Bhàbiloin, a tha air imeachd suas uaibh.

Gidheadh cluinn facal an Tighearna, O Shedeciah, a rìgh Iùdah: Mar seo deir an Tighearna dod thaobh-sa, Chan fhaigh thu bàs leis a’ chlaidheamh;

An sin chuir Sedeciah an rìgh fios, agus thug e a‑mach e; agus dh’fheòraich an rìgh dheth gu h‑uaigneach na thaigh, agus thubhairt e, A bheil facal sam bith on Tighearna? Agus thubhairt Ieremiah, Tha: oir thubhairt e, Do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis thu.

Ach mura tèid thu a‑mach gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin bheirear a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus loisgidh iad i le teine, agus cha tèid thusa fhèin as on làmhan.

Agus bheir iad a‑mach d’uile mhnathan, agus do chlann, a‑chum nan Caldèanach; agus cha tèid thu fhèin as on làmhan, ach glacar thu le làimh rìgh Bhàbiloin, agus bidh tu coireach airson am baile seo a bhith air a losgadh le teine.

Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.

Ach rinn e ar‑a‑mach na aghaidh-san le a theachdairean a chur don Eiphit, a‑chum gun tugadh iad dha eich agus mòran sluaigh: an èirich gu math dha? An tèid esan a nì na nithean seo as? No am bris e an coicheangal, agus an saorar e?

Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn anns an àite anns a bheil còmhnaidh an rìgh a rinn rìgh dhethsan, neach a rinn e tàir air a mhionnan, agus a bhris e a chùmhnantan, eadhon leis-san, ann am meadhon Bhàbiloin, gheibh e bàs.

Agus thusa, a phrionnsa mhì-dhiadhaidh, aingidh Israeil, aig a bheil do là air teachd, anns am bi crìoch air aingidheachd;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan