Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 32:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir e leis Sedeciah gu Bàbilon, agus an sin bidh e gus an tig mise ga amharc, deir an Tighearna: ged ghleacas sibh ris na Caldèanaich, cha bhuadhaich sibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu.

Gu Bàbilon bheirear air falbh iad, agus an sin bidh iad gus an là anns an tèid mise gan amharc, deir an Tighearna: an sin bheir mise a‑nìos iad, agus aisigidh mi iad a‑rìs don àite seo.

Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.

Agus thubhairt Ieremiah, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo:

Oir ged bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldèanach a tha a’ cogadh nur n‑aghaidh, agus nach maireadh nam measg ach daoine leònte, gach aon na bhùth, dh’èireadh iad sin fhèin suas, agus loisgeadh iad a’ chathair seo le teine.

Agus thàrladh an tràth a chunnaic Sedeciah rìgh Iùdah iad, agus na fir-chogaidh uile, gun do theich iad, agus gun deachaidh iad a‑mach as a’ chathair anns an oidhche, air slighe gàrradh an rìgh, tron gheata, eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a‑mach air slighe a’ chòmhnaird.

Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air.

Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e, a‑chum a thoirt gu Bàbilon.

Tha a’ chuing air a ceangal; tha mo lochdan air an snìomh le a làimh, tha iad air an càradh mum mhuineal; thug e air mo threise tuiteam, thug an Tighearna thairis mi dan làmhan, chan urrainn mi èirigh suas.

Agus am prionnsa a tha nam measg giùlainidh e air a ghuaillean anns an dubh-anmoch, agus thèid e a‑mach: cladhaichidh iad tron bhalla, a‑chum giùlan a‑mach troimhe; còmhdaichidh e a aghaidh, air chor is nach faic e an làr le a shùilean.

Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.

Ach rinn e ar‑a‑mach na aghaidh-san le a theachdairean a chur don Eiphit, a‑chum gun tugadh iad dha eich agus mòran sluaigh: an èirich gu math dha? An tèid esan a nì na nithean seo as? No am bris e an coicheangal, agus an saorar e?

Agus thubhairt Maois, Carson a‑nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? Ach cha soirbhich an nì seo leibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan