Ieremiah 32:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir dhruid Sedeciah rìgh Iùdah suas e, ag ràdh, Cuime a bheil thu ri fàistneachd, agus ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh esan i? Faic an caibideil |
Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.