Ieremiah 32:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Anns an àm anns an robh feachd rìgh Bhàbiloin a’ cuartachadh Ierusaleim, agus Ieremiah am fàidh air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain a bha ann an taigh rìgh Iùdah. Faic an caibideil |
Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.