Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 32:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna anns an deicheamh bliadhna de linn Shedeciah rìgh Iùdah (b’i sin an t‑ochdamh-bliadhna-deug de linn Nebuchadnesair):

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Bliadhna-ar‑fhichead a dh’aois bha Sedeciah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon-bhliadhna-deug ann an Ierusalem.

Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, nuair a chuir an rìgh Sedeciah da ionnsaigh Pasur mac Mhelciah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag ràdh,

Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah mu thimcheall uile shluagh Iùdah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah; b’i sin ciad bhliadhna Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin:

Ann an toiseach linn Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,

Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna (nuair a chog Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd, agus uile rìoghachdan an domhain a bha fo a thighearnas, agus na slòigh uile, an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh a h‑uile bhailtean), ag ràdh,

Ann an ochdamh-bliadhna-deug Nebuchadnesair, thug e air falbh ann am bruid o Ierusalem ochd ceud anam agus a dhà-dheug ar fhichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan