Oir tàrlaidh anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, gum bris mise a chuing bhàrr do mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a chèile; agus cha ghabh coigrich nas mò seirbhis dheth.
Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh.
Agus bheir na h‑uile chinnich gèill dhàsan, agus da mhac, agus do mhac a mhic, gus an tig àm a dhùthcha fhèin: an sin bheir iomadh cinneach agus rìghrean mòra airsan gun toir e gèill dhaibh.
Oir nì mòran chinneach, agus rìghrean mòra, seirbhis a ghabhail dhiubhsan mar an ceudna: agus dìolaidh mise riu a rèir an gnìomharan, agus a rèir obraichean an làmh fhèin.
Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas-umhail. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas.
A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille.
Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola-ungaidh.
Agus bheir mi a‑chum an àite seo a‑rìs Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, maille ri uile bhraighdean Iùdah, a dh’imich gu Bàbilon, deir an Tighearna; oir brisidh mise cuing rìgh Bhàbiloin.
Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, nuair bhriseas mise an sin cuing na h‑Eiphit: agus sguiridh mòrchuis a neirt innte: seadh, falaichidh neul i, agus thèid a nigheanan air falbh ann am braighdeanas.
Oir nì an Tighearna iochd air Iàcob, agus roghnaichidh e fhathast Israel, agus suidhichidh e iad nam fearann fhèin; agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlùth-leanaidh iad ri taigh Iàcoib.