Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mise nuair, airson gach uile adhaltranais anns an robh Israel chùl-sleamhnach ciontach, a chuir mi air falbh i, agus a thug mi litir-dhealachaidh dhi, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iùdah eagal, ach gun d’imich i, agus gun do rinn i fhèin strìopachas mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin.

Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.

Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.

Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna.

A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh-sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach.

Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.

Agus is i do phiuthar as sine Samaria, i fhèin agus a nigheanan a tha a chòmhnaidh aig do làimh chlì: agus do phiuthar as òige, a tha a chòmhnaidh aig do làimh dheis, Sòdom agus a nigheanan.

Gidheadh nan slighe-san cha do ghluais thu, cha mhò a rinn thu a rèir an gràinealachdan: ach mar gum bu nì ro‑bheag sin, bha thu air do thruailleadh nas mò na iadsan ann ad uile shlighean.

Cha mhò a chuir Samaria an gnìomh leth do lochdan-sa; ach mheudaich thu do ghràinealachdan nas mò na iadsan, agus dh’fhìreanaich thu do pheathraichean ann ad uile ghràinealachdan a rinn thu.

Gidheadh chaidh iad a‑steach da h‑ionnsaigh, mar a thèid iad a‑steach gu strìopaich: mar sin chaidh iad a‑steach gu Aholah agus gu Aholibah, na mnathan neòghlan.

Air an adhbhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion.

Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.

Nuair a ghabhas fear bean, agus a phòsas e i, agus gun tachair nach faigh i deagh-ghean na shùilean, a chionn gun d’fhuair e neòghlaine-eigin innte; an sin sgrìobhadh e litir-dhealachaidh dhi, agus thugadh e na làimh i, agus cuireadh e a‑mach as a thaigh i.

Agus ma dh’fhuathaicheas am fear-pòsda mu dheireadh seo i, agus gun sgrìobh e litir-dhealachaidh dhi, agus gun toir e na làimh i, agus gun cuir e a‑mach as a thaigh i; no ma gheibh am fear mu dheireadh bàs, a ghabh i na mnaoi dha fhèin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan