Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl-sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.
Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl-sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh.
Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian-ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig.
Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe.
A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.