Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach gairm thu ormsa on uair seo, ag ràdh, M’athair, bu tusa fear-stiùraidh m’òige?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail.

Oir is e an Dia seo ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs.

O Dhè, theagaisg thu mi om òige, agus gu ruige seo chuir mi d’obraichean iongantach an cèill.

Oir is tusa mo dhòchas, a Thighearna Dhè, mo dhòigh om òige.

A thoirt gèire dhaibhsan a tha baoghalta, eòlais agus cèill don òganach.

A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè:

Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail-phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh.

A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn.

Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn.

Cia fhad a bhios tu a’ tionndadh mun cuairt, O nighean chùl-sleamhnach? Oir chruthaich an Tighearna nì nuadh air an talamh. Nì bean fear a chuartachadh.

Thig iad le gul, agus le caomhalachd nì mise an treòrachadh; treòraichidh mi iad ri taobh nan sruthan uisge, air slighe rèidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo chiad-ghin.

Agus as a sin bheir mi dhi a fìon-liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.

Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?

Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana-chompanach i, agus bean do choicheangail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan