Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 3:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus air an là màireach thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Feuch, laigh mise a‑raoir maille rim athair: thugamaid air fìon òl a‑nochd mar an ceudna; agus theirig-sa a‑steach agus laigh maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.

Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad.

Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah a‑thaobh na gainne.

A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia-ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile.

Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn.

A chionn gu bheil am fearann na smùr, oir cha robh uisge anns an tìr; ghabh na treabhaichean nàire, dh’fhalaich iad an cinn.

Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh.

Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.

Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh.

O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?

Ach chan èisd taigh Israeil riut, oir chan èisd iad riumsa; oir tha taigh Israeil uile mì‑nàireach agus cruaidh-chridheach.

Agus brisidh mi uabhar ur cumhachd; agus nì mi ur nèamhan mar iarann, agus ur talamh mar umha:

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Agus shiubhail dà no trì de bhailtean gu aon bhaile, a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsachadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh:

Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.

Agus ghairm mise tart air an fhearann, agus air na slèibhtean, agus air an arbhar, agus air an fhìon nuadh, agus air an ola; agus air gach nì a bheir an talamh a‑mach: agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan làmh.

Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann.

Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan