Ieremiah 3:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch-bheairt. Faic an caibideil |
Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.