Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;
Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug air an ais clann Israeil o thalamh na h‑àird a tuath, agus o gach talamh gus an d’fhògair e iad; oir bheir mise air an ais iad gu am fearann fhèin, a thug mi don athraichean.
Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos agus a stiùir sliochd taigh Israeil as an tìr mu thuath, agus as na dùthchannan sin uile gus an d’fhuadaich mise iad: a‑chum gun gabhadh iad còmhnaidh nam fearann fhèin.
Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl-sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.
Oir feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise air a h‑ais bruid mo shluaigh, Israel agus Iùdah, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh a‑chum an fhearainn a thug mi don athraichean, agus sealbhaichidh iad e.
Feuch, bheir mi iad on tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chrìochan na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon agus ise a tha ri saothair; nan cuideachd mhòir tillidh iad.
Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi.
Ach anns na làithean sin, agus air an àm sin, deir an Tighearna, thig clann Israeil, iad fhèin agus clann Iùdah le chèile, ag imeachd, agus a’ gul nan imeachd, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia.
Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn.
Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil.
Agus bidh clann Iùdah agus clann Israeil air an cruinneachadh ri chèile, agus gabhaidh iad dhaibh fhèin aon cheann, agus thig iad a‑nìos as an tìr: oir is mòr a bhios là Iesreeil.
Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.
Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;
Agus neartaichidh mise taigh Iùdah, agus tèarnaidh mi taigh Iòseiph; agus suidhichidh mi iad a‑rìs; oir tha truas agam dhiubh: agus bidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehòbhah an Dia, agus èisdidh mi riu.