Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 27:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh, an cinneach no an rìoghachd nach toir gèill do Nebuchadresar seo rìgh Bhàbiloin, agus nach cuir am muineal fo chuing rìgh Bhàbiloin; le claidheamh, agus le gort, agus le plàigh, smachdaichidh mise an cinneach sin, deir an Tighearna, gus an sgrios mi iad gu tur le a làimh-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, nam measg, gus an caithear iad bhàrr an fhearainn, a thug mise dhaibh fhèin agus dan athraichean.

Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.

Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Carson a bhàsaicheas sibh, thu fhèin agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, mar a labhair Dia an aghaidh a’ chinnich nach toir gèill do rìgh Bhàbiloin?

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuing iarainn chuir mise air muineal nan cinneach seo uile, a‑chum gun tugadh iad gèill do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin; agus bheir iad gèill dha; agus beathaichean na machrach thug mi dha mar an ceudna.

Agus bheir mi a‑chum an àite seo a‑rìs Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, maille ri uile bhraighdean Iùdah, a dh’imich gu Bàbilon, deir an Tighearna; oir brisidh mise cuing rìgh Bhàbiloin.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, cuiridh mise orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus nì mi iad mar dhroch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas.

Agus dian-ruaigidh mi iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; agus bheir mi thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, gu bhith nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam masladh, am measg nan uile chinneach gus am fògair mi iad.

Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan