Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 27:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Esan a dh’fhanas anns a’ bhaile seo, bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: ach esan a thèid a‑mach, agus a thèid thairis a dh’ionnsaigh nan Caldèanach a tha gur teannachadh mun cuairt, mairidh e beò, agus bidh a anam aige mar chobhartaich.

Agus labhair mise ri Sedeciah rìgh Iùdah, a rèir nam briathran seo air fad, ag ràdh, Cuiribh ur muineil fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus thugaibh dha ùmhlachd, dha fhèin, agus da shluagh, agus mairibh beò.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh rium, Dèan dhut fhèin bannan agus cuingean, agus cuir iad air do mhuineal;

Agus tàrlaidh, an cinneach no an rìoghachd nach toir gèill do Nebuchadresar seo rìgh Bhàbiloin, agus nach cuir am muineal fo chuing rìgh Bhàbiloin; le claidheamh, agus le gort, agus le plàigh, smachdaichidh mise an cinneach sin, deir an Tighearna, gus an sgrios mi iad gu tur le a làimh-san.

Mar seo deir an Tighearna, Esan a dh’fhanas anns a’ chathair seo bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; ach esan a thèid a‑mach a‑chum nan Caldèanach, mairidh e beò; oir gheibh e a anam mar chobhartach, agus mairidh e beò.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a thionaileas mise taigh Israeil o na cinnich am measg a bheil iad air an sgapadh, agus a bhios mi air mo naomhachadh annta an sealladh nan cinneach, an sin gabhaidh iad còmhnaidh nam fearann a thug mise dom òglach Iàcob.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan