Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis thàrladh air do Ieremiah sgur de labhairt nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha a labhairt ris an t‑sluagh uile, gun do ghlac na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile e, ag ràdh, Cuirear gu deimhinn gu bàs thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.

Agus cathaichidh iad ann ad aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh.

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

Ach agadsa, O Thighearna, tha fhios air an innleachdan uile an aghaidh m’anama; na maith an cionta, agus na glan an lochd a‑mach à d’fhianais: ach tilgear iad thairis ann ad làthair; tionnsgain nan aghaidh ann an àm do chorraich.

Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach.

Oir dhruid Sedeciah rìgh Iùdah suas e, ag ràdh, Cuime a bheil thu ri fàistneachd, agus ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh esan i?

Agus thàrladh, tràth sguir Ieremiah de labhairt ris an iomlan den t‑sluagh uile bhriathran an Tighearna an Dia, airson an do chuir an Tighearna an Dia esan dan ionnsaigh, eadhon nan uile bhriathran seo;

An sin chuir Amasiah, sagart Bheteil, fios gu Ierobòam rìgh Israeil, ag ràdh, Dhealbh Amos foill ad aghaidh ann am meadhon taigh Israeil: chan urrainn am fearann a bhriathran uile a ghiùlan.

Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad.

Ach chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa.

Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan