Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile, Ieremiah a’ labhairt nam briathran seo ann an taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.

Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.

Agus nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra,

An sin dh’èirich an t‑àrd-shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd-bharail nan Sadusach), agus lìonadh iad le eud.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan