Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura èisd sibh riumsa gu siubhal ann am reachd, a chuir mi fa ur comhair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Ach ma thionndaidheas sibh da‑rìribh om leantainn-sa, sibh fhèin agus ur clann, agus nach glèidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi romhaibh, ach gum falbh sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh;

Ach ma bhios sibh eas-umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.

Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh.

Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.

Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth-sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra.

Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh-sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean.

A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh.

Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh.

Agus bheir sibh an aire gun dèan sibh na reachdan uile agus na breitheanais, a tha mi a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh.

Oir nuair a bheir mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi dan athraichean, a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, agus a dh’itheas iad agus a shàsaichear iad, agus a dh’fhàsas iad reamhar; an sin tionndaidhidh iad gu diathan eile, agus nì iad seirbhis dhaibh, agus brosnaichidh iad mi, agus brisidh iad mo choicheangal.

Agus is e seo an lagh a chuir Maois ro chloinn Israeil.

Agus cia an cinneach cho mòr, aig a bheil reachdan agus breitheanais cho ceart ris an lagh seo uile, a tha mise a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh?

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan