Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A dh’fheuchainn an èisd iad, agus an till iad, gach aon o a dhroch shlighe, a‑chum gun gabh mise aithreachas den olc a tha ann am rùn a thoirt orra airson aingidheachd an gnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac-aodach, agus ghluais e gu fòil.

Am faic thusa mar a tha Ahab ga ùmhlachadh fhèin am fhianais-sa? A chionn gu bheil e ga ùmhlachadh fhèin am fhianais, cha toir mi an t‑olc na làithean-san: ach ann an làithean a mhic bheir mi an t‑olc air a thaigh.

Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh.

An tug Heseciah rìgh Iùdah agus Iùdah uile thairis gu bàs e? Nach robh eagal an Tighearna air, agus nach d’iarr e an Tighearna, agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nan aghaidh? Ach sinne, tha sinn a’ dèanamh aimhleis mhòir an aghaidh ar n‑anama fhèin.

Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire-sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh.

Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo.

Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad.

Ach ma thilleas an t‑aingidh o a uile aingidheachd a rinn e, agus gun coimhead e mo reachdan-sa, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart, mairidh e beò, chan fhaigh e bàs.

Cha chuir mi an gnìomh mo dhian-chorraich, cha till mi a mhilleadh Ephraim; oir is mise Dia, agus chan e duine; an Tì naomh ann ad mheadhon; gidheadh nach eil a’ tathaich bhailtean.

Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?

Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan