Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt na maithean agus an sluagh uile ris na sagartan, agus ris na fàidhean, Chan airidh an duine seo air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e rinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd?

Cò a dh’èireas leam an aghaidh luchd-dèanamh an uilc? Cò a sheasas air mo shon an aghaidh luchd-dèanamh na h‑aingidheachd?

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

An sin labhair na sagartan agus na fàidhean ris na maithean, agus ris an t‑sluagh gu lèir, ag ràdh, Is airidh an duine seo air bàs, oir rinn e fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, mar a chuala sibh le ur cluasan.

A‑nis, nuair a chuala na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile a thionnsgain anns a’ choicheangal, gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich falbh saor, nach gabhadh aon seirbhis dhiubh na bu mhò, an sin thug iad gèill, agus leig iad air falbh iad.

An sin thubhairt na h‑uachdarain ri Baruch, Falbh, agus falaich thu fhèin, thusa agus Ieremiah; agus na biodh fios aig aon neach càit am bi sibh.

Agus ged rinn Elnàtan, agus Delaiah, agus Gemeriah eadar-ghuidhe ris an rìgh, nach loisgeadh e an clàr, gidheadh chan èisdeadh e riu.

Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin.

A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.

Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.

A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.

Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean.

Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè.

Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan