Ieremiah 26:12Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin labhair Ieremiah ris na maithean uile, agus ris an t‑sluagh gu h‑iomlan, ag ràdh, Chuir an Tighearna mise a‑chum gun labhrainn ann am fàistneachd an aghaidh an taighe seo, agus an aghaidh na cathrach seo, na h‑uile bhriathran sin a chuala sibh. Faic an caibideil |
Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia.