Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 26:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin labhair na sagartan agus na fàidhean ris na maithean, agus ris an t‑sluagh gu lèir, ag ràdh, Is airidh an duine seo air bàs, oir rinn e fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, mar a chuala sibh le ur cluasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach agadsa, O Thighearna, tha fhios air an innleachdan uile an aghaidh m’anama; na maith an cionta, agus na glan an lochd a‑mach à d’fhianais: ach tilgear iad thairis ann ad làthair; tionnsgain nan aghaidh ann an àm do chorraich.

An sin thubhairt na maithean agus an sluagh uile ris na sagartan, agus ris na fàidhean, Chan airidh an duine seo air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e rinn.

Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.

Ciod i ur barail-se? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Tha e toillteanach air a’ bhàs.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Mura b’fhear droch-bheairt e, cha tugamaid thairis dhutsa e.

Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha-ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.

Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.

Ach am fàidh aig am bi de dhànadas facal a labhairt am ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no a labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin.

An sin thubhairt daoine a’ bhaile ri Iòas, Thoir a‑mach do mhac, a‑chum gum bàsaich e, a chionn gun do thilg e sìos altair Bhàail, agus gun do gheàrr e sìos an doire a bha làimh rithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan