Agus chuir an Tighearna dur n‑ionnsaigh uile seirbhisich, na fàidhean ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach; ach cha d’èisd sibhse, agus cha mhò a dh’aom sibh ur cluas gu èisdeachd.
O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.
Gu èisdeachd a thoirt do bhriathran mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi thugaibh, araon ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach (ged nach d’èisd sibhse);
Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
Agus nì mise peanas air fhèin agus air a shliochd, agus air a sheirbhisich, airson an easaontais, agus bheir mi orrasan, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus air fir Iùdah, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh; ach cha d’èisd iad.
Agus thionndaidh iad riumsa an cùl, agus chan i an aghaidh; ged a theagaisg mi iad, ag èirigh gu moch agus a’ teagasg, gidheadh cha d’èisd iadsan, a ghabhail teagaisg.
A chionn nach d’èisd iad rim bhriathran-sa, deir an Tighearna, nuair a chuir mi don ionnsaigh m’òglaich, na fàidhean, ag èirigh gu moch, agus gan cur a‑mach; ach chan èisdeadh sibhse, deir an Tighearna.
Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran.
Ach cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad, agus air chor is nach gabhadh iad teagasg.
Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais-innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.
Gidheadh chuir e fàidhean dan ionnsaigh, gu an toirt air an ais a dh’ionnsaigh an Tighearna; agus rinn iad fianais nan aghaidh, ach cha d’èisd iadsan riu.
Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.