Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 24:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Amhail na fìgean matha seo, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah, a chuir mi a‑mach as an àite seo gu tìr nan Caldèanach, a‑chum an leas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.

Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?

Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis.

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi:

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh.

Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan.

Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran; ach a‑nis tha mi a’gleidheadh d’fhacail.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ris na h‑uile a tha air an toirt air falbh ann am braighdeanas, a chuir mise air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon,

Cluinnibh uime sin facal Iehòbhah, sibhse uile a tha den bhruid, a chuir mise o Ierusalem gu Bàbilon:

Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil.

Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan