An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas.
Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Amhail na fìgean matha seo, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah, a chuir mi a‑mach as an àite seo gu tìr nan Caldèanach, a‑chum an leas.