Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann an aon chliabh bha fìgean ro‑mhath, mar na fìgean a bhios an toiseach abaich: agus anns a’ chliabh eile fìgean ro‑olc, nach faodte ithe aig an olcas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?

Oir is e fìonlios Tighearna nan sluagh taigh Israeil, agus daoine Iùdah luibh a mhòr thlachd; agus bha sùil aige ri breitheanas, agus feuch aintighearnas; ri ceartas, agus feuch gaoir ghoirt.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, cuiridh mise orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus nì mi iad mar dhroch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas.

Mar dhearcan-fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann-fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal-peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh.

Mo thruaighe mise! Oir dh’fhàs mi mar luchd-tionail a’ mheas-shamraidh; mar luchd-dìoghlaim an fhìon-fhogharaidh: chan eil aon bhagaid ra ithe: tha m’anam ag iarraidh a’ chiad-thoraidh.

Bidh d’uile dhaingnichean làidir mar chroinn-fhìge leis na ciad fhìgean abaich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an tì a dh’itheas iad.

Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan