Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 22:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus òrdaichidh mi ann ad aghaidh luchd-millidh, gach aon le a airm; agus gearraidh iad sìos rogha do sheudar, agus tilgidh iad anns an teine iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.

Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.

Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.

Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.

Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd-mortaidh sin, agus loisg e am baile-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan