Oir mar seo thubhairt an Tighearna a‑thaobh taigh rìgh Iùdah, Tha thu mar Ghilead dhòmhsa, O mhullaich Lebanoin; ach nì mi gu cinnteach fàsach dhìot, bailtean nach bi àitichte.
Agus shuidh iad sìos a dh’ithe arain; agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd de chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead, len càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ìocshlaint, agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos don Eiphit.
Feuch, is àillidh thu, a bhean mo ghaoil; feuch, is àillidh thu! Tha sùilean chalaman agad an taobh a‑staigh ded chiabhan: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o shliabh Ghilead.
Ach bidh a’ chathair dhaingnichte fàs, agus an t‑àite-còmhnaidh air a thrèigsinn, agus air fhàgail mar fhàsach; an sin ionaltraidh an laogh, agus an sin laighidh e sìos, agus ithidh e a geugan.
Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.
An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;
Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.
Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota.
Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.
An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.
A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe: