Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 22:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A chionn nach d’èisd thu rim ghuth-sa, ithidh osann suas an t‑iomlan ded aodhairean, agus imichidh do luchd-gaoil air falbh ann am braighdeanas: gu cinnteach an sin bidh nàire ort, agus còmhdaichear thu le amhluadh airson d’uile dhroch dhèanadais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich-sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich-sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich-sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:

Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh.

Mhill mòran aodhairean mo lios-fìona, shaltair iad mo chuibhreann fo chois, rinn iad mo chuibhreann taitneach na fhàsach uaigneach.

Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit, amhail a bha nàire ort de Asiria.

Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu.

Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd.

Ach tha an Tighearna leam mar aon cumhachdach uamhasach; air an adhbhar sin tuislichidh mo luchd-tòrachd, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lìonadh le nàire ro‑mhòr, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn.

Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor.

Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir.

Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin.

A bheil iad a’ cur campair ormsa? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin?

Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.

Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh.

Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean.

Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan.

Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan