Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 22:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair mi riut ann an àm do shoirbheachaidh, thubhairt thu, Chan èisd mi; b’e seo do chleachdadh od òige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Oir cha do rinn clann Israeil agus clann Iùdah ach olc a‑mhàin ann am fhianais-sa on òige; oir cha do rinn clann Israeil ach a‑mhàin mo bhrosnachadh gu feirg le obair an làmhan; deir an Tighearna.

Laighidh sinn sìos nar nàire, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia.

Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear-easaontais a b’ainm dhut on bhroinn.

Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.

Ach chathaich iad am aghaidh, agus chan èisdeadh iad rium: cha do thilg iad uapa, gach aon, gràinealachdan an sùl, cha mhò a thrèig iad iodhalan na h‑Eiphit: an sin thubhairt mi, Dòirtidh mi mo chorraich orra, a‑chum gun coilean mi m’fhearg nan aghaidh ann am meadhon tìr na h‑Eiphit.

Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh.

Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.

Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.

Gidheadh, rinn an clann ar‑a‑mach ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdan, cha mhò a choimhead iad mo bhreitheanais gu an dèanamh, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; thruaill iad mo shàbaidean; an sin thubhairt mi gun dòirtinn a‑mach mo chorraich orra, a‑chum gun coileanainn m’fhearg nan aghaidh anns an fhàsach.

Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad.

Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh is a tha mi fhathast beò maille ribh an‑diugh, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna; agus cia as mò na sin a bhios sibh an dèidh mo bhàis?

Bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna on là a b’aithne dhòmhsa sibh.

Cuimhnich, na dìochuimhnich cionnas a bhrosnaich thu an Tighearna do Dhia gu feirg anns an fhàsach: on là anns an deachaidh tu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an tàinig sibh don àite seo, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna.

Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis;

Ach dh’ith an nì nàireach sin suas saothair ar n‑athraichean o ar n‑òige; an caoraich, agus am buar, am mic, agus an nigheanan.

An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran-sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran.

Bha suaimhneas aig Mòab o a òige, agus shocraich e air a dheasgainean, agus cha do thàirngeadh a‑mach o shoitheach gu soitheach e, cha mhò a dh’imich e ann am braighdeanas: air an adhbhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a fhàile.

Nach iad seo na briathran a dh’èigh an Tighearna leis na ciad fhàidhean, nuair a bha Ierusalem air a h‑àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mun cuairt dhi; agus an taobh deas agus an còmhnard air an àiteachadh?

Cùm do chas o bhith rùisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thubhairt thusa, Chan eil leigheas air a’ chùis a‑nis; cha chùm; oir ghràdhaich mi coigrich, agus nan dèidh thèid mi.

O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.

Agus chuir an Tighearna dur n‑ionnsaigh uile seirbhisich, na fàidhean ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach; ach cha d’èisd sibhse, agus cha mhò a dh’aom sibh ur cluas gu èisdeachd.

Gidheadh cha d’èisd sibh riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum brosnaicheadh sibh mi gu corraich le obair ur làmh, a‑chum ur n‑aimhleis fhèin.

Uime sin mar seo deir Tighearna nan sluagh, A chionn nach d’èisd sibh rim bhriathran-sa,

Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan