Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo thubhairt an Tighearna, Falbh sìos gu taigh rìgh Iùdah, agus an sin labhraidh tu am facal seo,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd.

Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad.

Agus mu thimcheall taigh rìgh Iùdah, cluinnibh-se facal an Tighearna:

Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo;

Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus labhair ri Sedeciah rìgh Iùdah, agus abair ris, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus loisgidh e i le teine:

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Ach na dèan fàistneachd nas mò ann am Betel: oir is e sin naomh-ionad an rìgh, agus is e sin teach na rìoghachd.

Oir thubhairt Eòin ri Herod, Chan eil e ceadaichte dhut bean do bhràthar a bhith agad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan