Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 21:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Esan a dh’fhanas anns a’ bhaile seo, bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: ach esan a thèid a‑mach, agus a thèid thairis a dh’ionnsaigh nan Caldèanach a tha gur teannachadh mun cuairt, mairidh e beò, agus bidh a anam aige mar chobhartaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair.

Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, nam measg, gus an caithear iad bhàrr an fhearainn, a thug mise dhaibh fhèin agus dan athraichean.

Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Agus labhair mise ri Sedeciah rìgh Iùdah, a rèir nam briathran seo air fad, ag ràdh, Cuiribh ur muineil fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus thugaibh dha ùmhlachd, dha fhèin, agus da shluagh, agus mairibh beò.

Carson a bhàsaicheas sibh, thu fhèin agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, mar a labhair Dia an aghaidh a’ chinnich nach toir gèill do rìgh Bhàbiloin?

Mar seo deir an Tighearna, Esan a dh’fhanas anns a’ chathair seo bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; ach esan a thèid a‑mach a‑chum nan Caldèanach, mairidh e beò; oir gheibh e a anam mar chobhartach, agus mairidh e beò.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bheirear gu deimhinn a’ chathair seo suas do làimh feachd rìgh Bhàbiloin, a ghlacas i.

Oir tèarnaidh mi thu, agus cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach agad, a chionn gun do chuir thu do dhòchas annamsa, deir an Tighearna.

Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu.

Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan