Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ris an t‑sluagh seo their thu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cur mur coinneamh slighe na beatha, agus slighe a’ bhàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ann an slighe na fìreantachd tha beatha; agus na ceum chan eil bàs.

Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn-fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach.

Feuch, tha mise a’ cur fa ur comhair air an là‑an‑diugh beannachadh agus mallachadh;

Feuch, chuir mi romhad an‑diugh beatha agus math, agus bàs agus olc;

Tha mi a’ gairm nan nèamh agus na talmhainn mar fhianaisean nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhair, beannachadh agus mallachadh: uime sin roghnaich beatha, a‑chum gum bi thu fhèin agus do shliochd beò:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan