Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ieremiah 21:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus buailidh mi luchd-àiteachaidh a’ bhaile seo, eadar dhuine agus ainmhidh; gheibh iad bàs le plàigh mhòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.

An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn.

Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean-sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh.

Feuch na h‑innealan-brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn.

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Fhathast anns an àite seo a tha fàs, gun duine agus gun ainmhidh, agus na uile bhailtean, bidh àite-còmhnaidh nam buachaillean a’ toirt air an treudan laighe sìos.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Cha d’èisd sibh riumsa ann an saorsa a ghlaodhach, gach aon da bhràthair, agus gach aon da choimhearsnach: feuch dur taobh-se tha mise a’ glaodhach saorsa, deir an Tighearna, don chlaidheamh, don phlàigh, agus don ghort; agus bheir mi oirbh a bhith air ur luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain.

Agus their thu ri Iehoiacim rìgh Iùdah, Mar seo deir an Tighearna, Loisg thu an clàr seo, ag ràdh, Cuime an do sgrìobh thu ann, ag ràdh, Thig rìgh Bhàbiloin gu deimhinn, agus sgriosaidh e am fearann seo, agus gearraidh e gach duine agus gach beathach a‑mach as?

Air an adhbhar sin biodh dearbh fhios agaibh gum bàsaich sibh leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantainn air chuairt.

Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg-sa agus mo dhian-chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh.

Agus fàgaidh mi beagan fhear dhiubh on chlaidheamh, on ghort, agus on phlàigh, a‑chum gun cuir iad an cèill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh-sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh.

No ma bheir mise claidheamh air an fhearann seo, agus gun abair mi, A chlaidheimh, imich tron fhearann; air chor is gun geàrr mi duine agus ainmhidh a‑mach as:

No ma chuireas mi plàigh don fhearann sin, agus gun dòirt mi mo chorraich a‑mach air ann am fuil, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as:

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!

Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh.

An sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a nì mi am fearann ro‑fhàsail, airson an uile ghràinealachdan a chuir iad an gnìomh.

Tha an claidheamh a‑muigh, agus a’ phlàigh, agus a’ ghort a‑staigh: esan a tha anns a’ mhachair bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ bhaile nì gort agus plàigh a ithe suas.

Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh.

Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan